Ath-chruthachadh de Hiort

  • 18 An Giblean 2017
Hiort ann am Minecraft Image copyright Minecraft/ImmersiveMinds
Image caption Chaidh an dealbh didsiteach de Hiort a chruthachadh airson Là Dualchais na Cruinne a chomharrachadh.

Chaidh dealbh didsiteach de Hiort a chruthachadh anns a' gheama bhideo Minecraft.

Chleachd a' chompanaidh gheamaichean ImmersiveMinds còrr air 3m bloc airson an ìomhaigh a chruthachadh.

Chaidh a dhèanamh airson Là Dualchais na Cruinne a chomharrachadh.

Thuirt manaidsear dualchais Chomhairle nan Eilean Siar, Nick Mac a' Ghobhainn, gur e dòigh mhath a th' ann dhan mhòr-shluagh eòlas a chur air àite a tha duilich faighinn thuige.

Tha seann taighean-tughaidh agus bàtaichean am measg na tha a' nochdadh air a' mhapa.

Dh'obraich ImpressiveMinds le arc-eòlaiche bho Urras Nàiseanta na h-Alba airson dèanamh cinnteach gum biodh an ìomhaigh cho fìrinneach 's a ghabhadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile