Làn-smachd air cìsean ionadail do chomhairlean?

  • 18 An Giblean 2017
Cìsean Image copyright Getty Images
Image caption Tha Reform Scotland ag ràdh gum bu chòir cumhachd a bhith aig comhairlean tuilleadh den teachd a-steach aca a thogail iad fhèin.

Tha a' bhuidhean-bheachdachaidh Reform Scotland a' moladh gum bu chòir làn-smachd air cìsean ionadail a bhith aig comhairlean.

Tha iad ag ràdh gu bheil cumhachdan ùra a dhìth, leithid a bhith a' leigeil le comhairlean cur às do chìsean a th' ann mar-thà, agus feadhainn ùra a chur nan àite.

Tha iad a' dèanamh dheth gu bheil cumhachdan chomhairlean air crìonadh, air sgàth phoileasaidhean Riaghaltais.

Ged a dh'fhaodas comhairlean a-nis ìre na cìse comhairle àrdachadh, stèidhich an Riaghaltas an ìre aig am faodadh i a bhith air a h-àrdachadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh ge-tà, gu bheil iad a' toirt atharrachaidh air siostam nan cìsean airson a dhèanamh nas adhartaiche, agus gu bheil cead aig comhairlean cuid de chìsean àrdachadh.

Tha Reform Scotland cuideachd ag ràdh gum bu chòir do chomhairlean fiosrachadh soilleir a thoirt seachad gus am bi fios aig coimhearsnachdan mar a tha an t-airgead aca ga chosg.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile