Pòsaidhean gèidh ann an Eaglais na h-Alba?

  • 18 An Giblean 2017
Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba Image copyright PA

Thèid beachd bhall Eaglais na h-Alba iarraidh mu bhith a' leigeil le ministearan na h-eaglaise càraidean aona-ghneitheach a phòsadh.

Tha aithisg a thèid air beulaibh an àrd-sheanaidh air an ath-mhìos cuideachd a' moladh leisgeul a thabhainn do dhaoine gèidh seach nach deach an gairm-beatha Crìosdail aca aithneachadh leis an eaglais.

Tha mar a bu chòir dhaibh dèiligeadh ri càirdeasan aona-ghneitheach air a bhith na dhùbhlan do dh'Eaglais na h-Alba bho chaidh an t-Urr. Scott Rennie - a tha gèidh - a thaghadh mar mhinistear le coithional Chrois na Bànrighinn ann an Obar Dheathain ann an 2009.

Tha an eaglais an-diugh a' gabhail ri ministearan gèidh - ach a-nis thèid beachd na h-eaglaise iarraidh mu bhith a' leigeil le ministearan càraidean aona-ghneitheach a phòsadh anns an eaglais.

Tha buidheann diadhaireachd na h-eaglaise ag ràdh nach eil adhbhar ann tuilleadh a bhith a' diùltadh cead do mhinistearan na seirbheisean pòsaidh a chumail.

Fàilte

Chuir an t-Urr. Rennie fàilte air an aithisg, ag ràdh gun robh i mionaideach agus gum biodh buaidh fharsaing aice.

Dh'fhaodadh ge-tà, gun adhbhraich seo tuilleadh sgaraidhean san eaglais, 's grunn mhinistearan agus coithionalan air cùl a chur rithe air sgàth ceist nam ministearan gèidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile