Barrachd phòsaidhean anns na Hearadh

  • 18 An Giblean 2017
Tràigh Losgaintir Image copyright Iain MacLean
Image caption Tha barrachd dhaoine a' roghnachadh am bòidean a thoirt seachad air an tràigh.

Tha àrdachadh mòr air tighinn air na tha de dhaoine a' pòsadh anns na Hearadh.

Eadar seo agus deireadh na h-Òg-mhìos, tha dùil gum pòs 30 cupal anns an eilean, 's mòran dhiubh a' dol ann a dh'aona-ghnothaich airson pòsadh.

Tha 23 cupal air roghnachadh am bòidean a thoirt seachad air an tràigh - an taca ris na deich pòsaidhean tràghad a bh' ann an-uiridh.

Tha seo a' toirt buannachd do ghrunn ghnìomhachasan anns na Hearadh, eadar taighean-aoigheachd 's companaidhean a tha a' toirt seachad sheirbheisean bainnse.