Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Au Tuirc

Thuirt an Ceann-Suidhe Erdogan gun toir e atharrachadh air bun-reachd na Tuirc an dèidh cead fhaighinn ann an referendum. Tha esan ag iarraidh, am measg rudan eile, tuilleadh chumhachdan a chur ri dreuchd a' Chinn-Suidhe. Tha oifigich anns an Tuirc ag ràdh gun d' fhuair Mgr Erdogan dìreach beagan a bharrachd air leth na bhòta, ged a tha a nàimhdean a' cur teagamh an sin.

Coirea a Tuath

Thuirt Iar-Cheann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, Mike Pence, gu bheil Aimeireaga a' call a foighidinn le Coirea a Tuath. Tha Mgr Pence air thuras ann an Coirea a Deas an-dràsta 's bha e a' bruidhinn dìreach là an dèidh do Choirea a Tuath oidhirp eile a dhèanamh air deuchainn niùclasach, a dh'fhàillig an turas seo. Thuirt Mgr Pence gu bheil càirdeas dlùth eadar Coirea a Deas agus Aimeireaga.

Euslaintich Sùla

Thuirt fear de bhuill na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, Daibhidh Stiùbhart, gu bheil cùram do dh'euslaintich aig a bheil trioblaid lem fradharc nas miosa air a' Ghàidhealtachd na tha ann an sgìre sam bith eile de dh'Alba. Thuirt Mgr Stiùbhart gun robh còrr 's 200 duine, eadar 2015 agus 2016, air a' Ghàidhealtachd a' feitheamh còrr 's trì mìosan, an ùine air a bheil an Riaghaltas ag amas mar thargaid.

Loch Bhraoin

Thèid tòiseachadh an ath-sheachdain a' togail sgeama haidro ùir aig ceann Loch Bhraoin. Thug am pròiseact, a chosgas £900,000, ceithir bliadhna ga dhealbh. Chaidh a' chuid as motha den airgead air a shon a thogail le bhith a' reic earrannan anns a' chompanaidh Broom Power a tha os cionn na sgeama.

Dràibhearan

Chuir còrr 's 260,000 duine an ainm ri athchuinge a ràdh gum bu chòir do dhràibhearan deuchainn an dràibhidh a ghabhail a-rithist aon uair 's gun ruig iad 70 bliadhna de dh'aois. Chuir fear, Ben Brooks-Dutton, an athchuinge air bhonn an dèidh do dhràibhear, a bha 85, a bhean a mharbhadh. An-dràsta feumaidh daoine a tha còrr 's 70 an cead-dràibhidh ùrachadh a h-uile trì bliadhna, ged a tha e an urra riutha fhèin tomhas dè cho comasach 's a tha iad.