Tùr Chaisteil Inbhir Nis air fhosgladh dhan mhòr-shluagh

  • 17 An Giblean 2017
An sealladh bho Chaisteal Inbhir Nis Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption An sealladh bho Chaisteal Inbhir Nis.

Tha Tùr Chaisteil Inbhir Nis air fhosgladh dhan mhòr-shluagh.

Gheibhear an cothrom coimhead sìos air gach taobh den bhaile leis a' chlàr ùr a chaidh a thogail aig a' chaisteal ainmeil.

'S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a tha an tùr agus tha iad ag ràdh gur e seo a' chiad cheum gus an caisteal a leasachadh mar ghoireas 'son luchd-turais a thàladh.

Chaidh an caisteal a thogail bho chionn 175 bliadhna agus seirbheis chùirteach a' bhaile stèidhichte anns an togalach an-dràsta.

Ach bidh a' chùirt agus na goireasan co-cheangailte rithe a' gluasad gu togalach a chaidh a dhealbhachadh a dh'aona-ghothach airson a leithid.

Gheibhear ticeadan 'son an turais gu mullach an tùir aig Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd, Maoin Maith-choitcheann a' Bhaile agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean air airgead a chur mu choinneimh a' phroiseict airson an tùr a leasachadh.

An lùib na sgeama, chaidh bùth, slighe a-steach ùr agus staidhre a thogail a bharrachd air a' chlàr aig mullach an tùir.

Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption An sealladh bho Chaisteal Inbhir Nis.
Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt stiùiriche-leasachaidh Comhairle na Gàidhealtachd gum bi còrr is millean neach-tadhail a' tighinn a dh'Inbhir Nis gach bliadhna.

"'S e na seallaidhean brèagha agus na caistealan na prìomh rudan a bhios gan tarraing", thuirt e.

"Mar sin dheth tha e air leth cudromach an caisteal fhosgladh.

"Chan e seo ach a' chiad cheum, nuair a ghluaiseas a' chùirt a-mach an ceann dà bhliadhna gheibh sinn an caisteal air fad."

"Nì sinn goireas air leth do luchd-tadhail às."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile