Pìob haidro Chnòideirt air sgàineadh

  • 17 An Giblean 2017
Pìob uisge ann an Cnòideart Image copyright Daibhaidh Newton
Image caption Chan eil Cnòideart ceangailte ris a' ghriod-nàiseanta agus chaidh sgeama haidro a chur an sàs sna 70an.

Tha pìob uisge an sgeama haidro Chòideirt air sgàineadh, a' fàgail na sgìre gun dealan tron oidhche.

Bhris a' phìob air an deireadh-sheachdain agus ged a tha obair càraidh air tòiseachadh cha bhith an sgeama haidro a' ruith a-rithist gus an t-seachdain seo tighinn aig a' char as tràithe.

Tha cruthadair dealain ann an Cnòideart - nach eil ceangailte ris a' ghriod nàiseanta, mar-thà airson dealain a chumail ris a' choimhearsnachd fhad 's bha obair àbhaisteach ga dèanamh air an sgeama.

Ach 's e seo a' chiad turas a tha an sgeama air a bhith dheth ri linn sgàinidh bho chaidh a leasachadh leis a' choimhearsnachd ann an 2002.

Thàining dà earrann den phìob às a chèile ged nach eil e soilleir aig an ìre-sa dè dh'adhbhraich an trioblaid.

Heileacoptair

Tha an cruthadair-dealain a' cumail cumhachd ris a' choimhearsnachd tron là ach bidh e a' dol dheth eadar 11:00f. agus 07:00m.

Tha mu 80 dachaigh ceangailte ris an t-siostam dealain.

Ged nach eil a' choimhearsnachd ceangailte ris a' ghriod-nàiseanta agus a' cruthachadh an dealain aca fhèin, bidh muinntir an àite a' pàigheadh 16sg 'son gach aonad dealain 'son an siostam a chumail suas.

Thuirt Manaidsear Leasachaidh Bhunait Chnòideirt, Angela NicUilleim gun do thachair an sgàineadh sa phìob ann an àite gu h-àrd, faisg air Loch Bhraomasaig.

"Chan e obair dhoirbh a bhiodh ann a' phìob a chàradh ach gum feum iad heileacoptair a chur air dòigh 'son concrait a ghiùlain chun na làraich."

Thuirt i cuideachd nach fhaic luchd-tadhail a bhios a' tighinn a Chnòideart tron là diofar sam bith agus gu bheil na goireasan aca uile fosgailte.

Tha dòchas ann gun tèid an sgeama a chàradh aig toiseach na seachdain seo tighinn.