Càirdeas is còmhradh

  • 17 An Giblean 2017
Dementia Image copyright Science Photo Library

Thathas ag iarraidh air daoine air a' Ghàidhealtachd a thighinn còmhla airson srùpag agus conaltradh, airson taic a thoirt do chùram dementia.

Tha na cruinneachaidhean "Copan is Còmhradh" gan tòiseachadh mar phàirt de Sheachdain Aithneachaidh an Dementia, a thòisicheas air an 29mh là den Chèitean.

'S e an t-amas cuideam a chur air càirdeas agus còmhradh, agus airgead a thogail airson taic a thoirt do dhaoine a tha a' fulang dementia.

"Tha dementia cumanta," thuirt Geraldine Ditta, a tha ag obair na Manaidsear air Poileasaidh agus Conaltraidh aig Alzheimer Scotland ann an Inbhir Nis.

"Tha sinn a' dèanamh dheth gu bheil timcheall air 93,000 duine a' tighinn beò le dementia an-dràsta an Alba.

"Bidh mu 3,200 dhiubh sin nas òige na 65.

"Bidh daoine tric a' smaoineachadh, le mearachd, gur e rud a th' ann a tha a' buntainn do sheann aois, ach chan e.

"An seo air Ghàidhealtachd tha sinn a' tomhas gu bheil mu 4,500 duine ann a tha a' fulang leis.

"Bhiodh timcheall air 150 dhiubh sin nas òige na 65.

"Bidh 65% den t-sluagh eòlach air cuideigin air a bheil e, no bidh iad air cluinntinn mu dheidhinn cuideigin air a bheil e," thuirt i.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a' cur air dòigh cruinneachadh Copan is Còmhradh, air làrach-lìn Alzheimer Scotland.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile