Cùram sùla "nas miosa air Ghàidhealtachd

  • 17 An Giblean 2017
Sùil

Tha euslaintich air a' Ghàidhealtachd aig a bheil trioblaidean sùile gam fàiligeadh leis an Riaghaltas, a rèir fhir de Bhuill-Phàrlamaid Albannach na sgìre.

Tha còrr air 200 duine air a' Ghàidhealtachd a' feitheamh còrr air na trì mìosan a bu chòir, a rèir slàt-tomhais Riaghaltas na h-Alba fhèin.

Chaidh am fiosrachadh a thrusadh dhan bhliadhna eadar 2015 agus 2016 le Dàibhidh Stiùbhart BPA, a tha ag ràdh gu bheil seirbheis nas fheàrr ga toirt do dhaoine ann am meadhan na h-Alba na tha air a' Ghàidhealtachd.