Sgeama ùr haidro gus tòiseachadh

  • 17 An Giblean 2017
Loch Bhraoin Image copyright Ben Brooksbank/Geograph

Tòisichidh obair togail air sgeama haidro ùr ann an Loch Bhraoin an ath-sheachdain.

Tha luach £900,000 anns a' phròiseact agus chaidh a' chuid mhòr den airgead, £800,000, a thogail tro bhith a' reic earrainnean sa chompanaidh Broom Power a tha os cionn na sgeama, le còrr air dàrna leth nan earrainnean gan ceannach le daoine às an sgìre fhèin.

Cha deach aon sgillinn de ghranta fhaighinn.

Tha an sgeama air a bhith san amharc o chionn còrr air ceithir bliadhna.

Mairidh an obair togail mu shia mìosan, le dùil gum bi e a' cruthachadh dealain san Fhaoilleach 2018, a' toirt teachd-a-steach £90,000 sa bhliadhna don chompanaidh.

Chan eil fhios le cinnt aig an ìre seo dè an cuibhreann dheth sin a ghabhas cosg air pròiseactan sa choimhearsnachd.

Thuirt cathraiche na companaidh, Tim Gauntlett, gu bheil aonta beag no dhà aca fhathast ri choileanadh, ach gu bheil dùil gun tachair sin an t-seachdain seo fhèin.