Là clàraidh taghaidh mu dheireadh

  • 17 An Giblean 2017
Ionad-bhòtaidh Image copyright Getty Images

'S e an-diugh (Diluain) an là mu dheireadh airson clàradh gus bhòtadh anns na taghaidhean ionadail.

Thèid bhòtadh airson bhall ùra nan comhairlean Diardaoin an 4mh là den Chèitean.

Theid còrr air 1,200 comhairliche a thaghadh le siostam Riochdachaidh Cho-roinneil (Proportional Representation).

Anns gach sgìre, thèid eadar triùir agus ceathrar chomhairlichean a thaghadh.

Tha luchd-bhòtaidh a' taghadh thagraichean a rèir prìomhachais, agus chan fheum iad ach na tha iad airson a thaghadh ainmeachadh.

Tha cairtean taghaidh mar-thà air a dhol a-mach, ach tha ùine ann fhathast clàradh a dhèanamh.

Dh'fhaodadh seo a bhith gu sònraichte cuideachail do dhaoine a th' air gluasad taighe o chionn ghoirid.

'S e seo cuideachd a' chiad uair a tha cothrom air a bhith aig luchd-bhòtaidh a tha 16 agus 17 bhòtadh anns na taghaidhean ionadail.

Tha barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn clàraidh ri fhaighinn air làrach-lìn Choimisein an taghaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile