Geopark a' cur iomairt togail airgid air bhonn

  • 14 An Giblean 2017
Tràigh
Image caption Pàirc Geòlas Iar-thuath na Gàidhealtachd

Tha a' chiad pàirc geòlais a chaidh a stèidheachadh ann an Alba ann an cunnart inbhe UNESCO a chall ri linn dìth maoineachaidh.

Tha a' phàirc ann an iar-thuath na Gàidhealtachd a' gabhail a-steach bheanntan, cladaichean agus cuid de na creagan as sine ann am Breatainn.

Mhìnich Riaghaltas na h-Alba gun robh an taic a thug iad dhan phàirc suas gu 2015 stèidhichte air a' bheachd gum b'urrainn dhan phàirc seasamh air a casan fhèin a-thaobh ionmhais.

Ach thuirt a' chompaidh choimhearsnachd a tha an urra ri Geopark Iar-thuath na Gàidhealtachd nach eil e comasach don iomairt shòisealta prothaid a dhèanamh ann an sgìre cho iomallach le sluagh cho beag.

Pàrlamaid na h-Alba

Tha a' bhuidheann a-nis air iomairt 'maoineachadh-sluaigh' a chur air bhonn airson £70,000 a thogail.

Sin an t-suim a bhios a dhìth orra airson triùir luchd-obrach a chumail thairis air dà dhreuchd làn ùine.

Dh'fhaodadh a' phàirc, a tha a' gabhail a-steach A' Chòigeach air taobh siar Rois, Am Parbh agus Loch Euraboil ann an Cataibh inbhe UNESCO a chall mura h-eil airgead aca son luchd-obrach a phàigheadh.

Tha am Ball-pàrlamaid Albannach son Gallaibh, Cataibh agus Ros, Gail Ros air gluasad a thogail anns a' phàrlamaid airson taic a chur ris an iomairt son an t-airgead a thogail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo