Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sìona

Thuirt Sìona agus an Ruis gum feumar dèiligeadh le faiceall le suidheachadh Choiria a Tuath agus cabhlach às na Stàitean Aonaichte a' seòladh dhan sgìre. Thuirt ministear cèin Shìona nach biodh buaidh aig dùthaich sam bith ann an cogadh agus gur e còmhradh a dh'fheumas a bhith ann. Thuirt Coiria a Tuath gun dèan iad deuchainn niùclasach eile nuair a shaoileas an ceannard Kim Jong-un gu bheil sin freagarrach.

Boma

Thuirt àrd-oifigeach ann an Afghanistan nach deach sìobhaltaich a mharbhadh nuair a leig na h-Ameireaganaich boma fìor chumhachdach air buidheann den Stàit Ioslamaich air taobh sear na dùthcha. Tha aithrisean ann gun deach 36 duine de dh'fheachdan IS a mharbhadh. Thuirt Kurt Volker, a bha na thosgaire dha na Stàitean Aonaichte aig NATO, gu bheil an ionnsaigh a' toirt rabhadh do nàimhdean Ameireaga air feadh an t-saoghail.

Interpol

Chuir Interpol rabhadh a-mach mu thidsear Albannach co-cheangailte ri murt tidseir eile ann an Myanmar an-uiridh. Theich Harris Binotti às an dùthaich ann an ceann an ear-dheas Àisia anns an t-Samhain an dèidh bàs Gary Ferguson, a bha na thidsear Beurla. Thuirt Interpol nach e barantas airson a chur an grèim a tha seo, ach rabhadh eadar-nàiseanta gu bheil iad a' coimhead air a shon. Ghabh Mgr Binotti, a bhuineas do Dhùn Phris bho thùs, plèana a-mach à Myanmar gu ruige Thailand là mus deach corp Mhgr Fearghasdan fhaighinn anns a' flat anns an robh e a' fuireach.

Stailc

Tha criutha air soithichean dìon agus rannsachaidh an iasgaich aig Riaghaltas na h-Alba air bhòtadh airson stailc. Tha an t-aonadh Unite ag ràdh nach eil Marine Scotland, dha bheil iad ag obair, a' toirt pàigheadh cothromach dhaibh idir an coimeas ri luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, a bhuineas cuideachd do Riaghaltas na h-Alba.

Armadal

Thuirt am Ball-Pàrlamaid, Ceit Fhoirbeis, gum feum an seòladh eadar Malaig agus Armadal bàta dhi fhèin, seach a bhith a' roinn na seirbheis eadar dà bhàta, le tè dhiubh a' seòladh cuideachd a Loch Baghasdail. Tha muinntir na sgìre a' gearan gun deach trì seòlaidhean a h-uile là a chur dheth bho thòisich clàr-ama an t-samhraidh bho chionn cola-deug. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' cleachdadh an MV Coruisk, a chaidh a thogail a dh'aona ghnothaich airson na serbheis eadar Malaig agus Armadal, air seirbheis Mhuile.