Ionad ùr ceartais ceum nas fhaisge

  • 14 An Giblean 2017
An togalach ùr a tha san amharc Image copyright SCTS
Image caption Dreach dhealbhaichte den togalach.

Chaidh adhartas a dhèanamh le pròiseict 'son ionad ùr ceartais ann an Inbhir Nis is obair-deasachaidh air tòiseachadh aig an làraich.

'S ann air làraich eadar Rathad an Longman is Rathad Bhurnett a bhios an t-ionad, a chosgas £23m.

Tha dùil gum bi an togalach ùr deiseil as t-Fhoghar 2019.

Bidh sia seòmraichean cùirteach ann, is bidh diofar bhuidhnean ceartais stèidhichte ann.

Bidh seo cuideachd a' ciallachadh gun gluais seirbheis na cùirteach a-mach à Caisteal Inbhir Nis, is planaichean ann an caisteal a chur gu feum airson luchd-turais.

Thòisich sin mar-thà, is fosglaidh tùr sa chaisteal do luchd-tadhail bho Dhiluain.