Dragh mu chraobhan-learaige am Muile

  • 14 An Giblean 2017
Craobhan-learaige

Tha daoine ann am Muile ag iarraidh taic bhon Riaghaltas ri linn mar a tha aca ri craobhan-learaige a leagail.

Tha dragh mòr ann gum faod an galar Phytophthora ramorum, no larch dieback, sgrios a dhèanamh.

Ann an oidhirp smachd a chumail air, thathas a' cur às dha craobhan taobh a-staigh 250 meatair de chraobhan-learaige air a bheil an galar.

Tha cuid ann am Muile ag ràdh gum feum iad an t-uamhas de chraobhan a leagail.

Dh'innis iad nach urrainn dhaibh am fiodh air a bheil an galar a reic, is nach eil an tabhartas a gheibh iad bho Choimisean na Coilltearachd air a shon ach beag.

Tha sin a' fàgail, tha iad ag ràdh, gu bheil call airgid a' tighinn orra.

Thuirt BP na sgìre, Brendan O' Hara bhon SNP, gum bu chòir taic shònraichte a bhith ann do Mhuile ri linn na buaidh a th' aig a' ghalar air an eilean.

Dh'innis e gum bi e a' sgrìobhadh gu Ministear na h-Àrainneachd agus Coimisean na Coilltearachd mun chùis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile