Feum air bàta fa leth ann an Slèite - BPA

  • 14 An Giblean 2017
MV Lord of the Isles

Thuirt am BPA Gàidhealach, Ceit Fhoirbeis, gu bheil feum air bàta àiseig fa leth airson na slighe eadar Armadal is Malaig.

Tha gearanan ùra air nochdadh ann an Slèite is Loch Abar an t-seachdain seo, is Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh gu bheil an t-seirbheis aiseig aca a cheart cho dona am-bliadhna sa bha i an-uiridh, mura h-eil i nas miosa.

Chaidh an aiseag a bha air a togail airson na slighe eadar Slèite is Tìr-Mòr, an Coir' Uisg', a ghluasad a Mhuile an-uiridh.

Thuirt luchd-iomairt nach robh na bàtaichean a chuir CalMac na h-àite freagarrach idir, is sheall àireamhan ChalMac fhèin 'son na bliadhna an-uiridh nach robh an t-seirbheis aig an ìre 's a bha roimhe.

'S iad an MV Loch Fyne agus an MV Lord of the Isles a tha a' frithealadh na slighe am-bliadhna, is an Lord of the Isles cuideachd air an t-slighe eadar Malaig is Loch Baghsdail.

Thuirt Ceit Fhoirbeis gu bheil sin na phàirt den trioblaid a th' ann.

"Nam bheachdsa, tha feum againn air bàt'-aiseig a tha dìreach airson na seirbheis eadar Malaig is Armadal.

"Cha bu chòir dhuinn a bhith a' cleachdadh an aona bhàta le Malaig gu Loch Baghsdail", thuirt i.

Thuirt am BPA Fhoirbeis gu bheil e follaiseach nach eil bàtaichean gu leòr aig CalMac, ach gun toir e ùine dhaibh barrachd dhuibh fhaighinn.

Tha dà bhàta ùr gan togail an-dràsta.

Thuirt CalMac gun do dh'iarr muinntir Shlèite tuilleadh sheirbheisean agus barrachd àiteachan 'son luchd-siubhail, cho math ri seirbheis nas earbsaiche san fharsaingeachd.

Thuirt iad gur e sin a tha iad a' faighinn leis an Lord of the Isles agus an Loch Fyne.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile