Fear motor-baidhseagail air ainmeachadh

  • 13 An Giblean 2017
Làrach na tubaiste Image copyright Jasper Image
Image caption Bha an rathad dùinte fad grunn uairean a thìde

Dh'ainmich na Poilis fear motor-baidhseagail a bhàsaich às dèidh tubaist le bus air an A82 Diciadain.

B' e Eòghann Mac a' Ghobhann, 48, à Rinn Friù.

Cha deach duine a bh' air bòrd a' bhus a ghoirteachadh.

Bhuail an dà charbad na chèile aig an Lagan faisg air Inbhir Garadh mu 1f Diciadain agus bha an rathad dùinte fad grunn uairean a thìde às dèidh na tubaiste.