Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Beslan

Thàinig Cùirt Eòrpach nan Còirichean Daonna dhan cho-dhùnadh nach do làimhsich Riaghaltas na Ruis an t-sèist aig sgoil ann am Beslan ann an 2004 mar a bu chòir. Chaill còrr 's 300 duine am beatha nuair a thug feachdan tèarainteachd na Ruis an aghaidh air reubaltaich Chechen a bha air còrr 's mìle duine, eadar clann, pàrantan agus tidsearan, a chur am bruid. Thug a' chùirt cuideachd mu £2.5m ann an airgead-dìolaidh do dh'fheadhainn a chaill càirdean.

Borussia Dortmund

Thuirt luchd-casaid anns a' Ghearmailt, a tha a' rannsachadh na h-ionnsaigh air bus sgioba ball-coise Borussia Dortmund oidhche Mhàirt, gun robh duine a tha iad a' ceasnachadh na bhall, aig aon àm, ann am buidheann na Stàite Ioslamaich ann an Iorac. Thuirt na Poilis gun robh an duine a tha fo amharas a' bruidhinn ri IS fhad 's a bha e anns a' Ghearmailt ach nach eil dearbhadh sam bith ann gun do ghabh e pàirt anns an ionnsaigh.

Stailc

Tha coltas ann gum faodadh stailc a bhith ann an seirbheis a' phuist an dèidh do Royal Mail innse gun sguir iad an ath-bhliadhna den pheinnsean stèidhichte air an t-suim a tha luchd-obrach a' cosnadh nuair a sguireas iad a dh'obair. Thuirt an t-aonadh, CWU, gun seas iad an aghaidh oidhirp sam bith air atharrachadh a sparradh orra gun aonta agus gum bi baileat ann airson stailc ma dh'fheumas iad.

Càball

Tha Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, ag ràdh gum faodadh beachdan luchd-stiùiridh Companaidh Chumhachd Urras an Rubha agus Shanndabhaig cron a dhèanamh air an argamaid airson càball dealain ùr dha na h-Eileanan. Tha Comhairle nan Eilean Siar cuideachd a' ceasanachadh nam briathran a chuir teagamh ann an ro-innleachd na Comhairle agus Urras Steòrnabhaigh a thaobh chumhachd na gaoithe. Tha seo an dèidh coinneimh ann an Steòrnabhagh Diluain far an tuirt Ministear a' Chumachd, Greg Clark, gum feum a' choimhearsnachd pàirt nas motha a ghabhail anns a' ghnìomhachas.

Slèite

Tha muinntir Shlèite a' gearan gu bheil an t-seirbheis aiseig eadar Malaig agus Armadal nas miosa am-bliadhna na bha i an-uiridh. Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh gu bheil an dà chuid muinntir cheann a deas an Eilein Sgitheanaich agus muinntir Loch Abair a' gearan nach e am bàta-aiseig a chaidh a dhealbh a dh'aona-ghnothaich airson na slighe a tha a' seòladh eadar an dà phort. Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil an Lord of the Isles agus an Loch Fyne a' toirt seirbheis nas fheàrr dhan sgire, mar a dh'iarr coimhearsnachd Shlèite, agus gur ann a tha barrachd sheòlaidhean ann.

Stafainn

Thèid feuchainn ri dotair teaghlaich a stèidheachadh ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich mar phàirt de leasachadh air taighean ùra ann an Stafainn. Tha Urras an Taobh Sear ag iarraidh sia taighean agus ionadan gnìomhachais a thogail ann an sgìre far a bheil cion taigheadais na thrioblaid. Tha iad air bruidhinn ri NHS na Gàidhealtachd mu surgery an dotair a th' ann an Stafainn a ghluasad gu ionad ùr, agus GP a stèidheachadh ann làn-ùine. Tha iarrtas airson cead-dealbhachaidh a' dol gu Comhairle na Gàidhealtachd, ged a tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' cur an aghaidh na sgeama.