Iomairt dhotair an Stafainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairt gus dotair-teaghlaich a steidheachadh as ùr an Stafainn

13 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid feuchainn ri dotair-teaghlaich a steidheachadh as ùr ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, mar phàirt de leasachadh air taighean ùra ann an Stafainn.

Tha Urras an Taobh Sear ag iarraidh sia taighean a thogail, agus chuireadh iarrtas airson cead-dealbhachaidh gu Comhairle na Gaidhealtachd, ged a tha Dualchas Nàdar na h-Alba a' cur an aghaidh na sgeama.