Iomairt gus dotair-teaghlaich a steidheachadh as ùr an Stafainn

  • 13 An Giblean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dòmhnall Dòmhnallach a tha na bhall de dh'Urras an Taobh Sear

Thèid oidhirp a dhèanamh dotair teaghlaich a stèidheachadh às ùr ann an ceann a tuath an eilein Sgitheanaich.

Tha Urras an Taobh Sear ag iarraidh sia taighean ùra, agus ionadan gnothachais a thogail ann an Stafainn, far a bheil gainnead taigheadais na thrioblaid mhòir.

Tha an t-Urras a' bruidhinn ri NHS na Gàidhealtachd mu bhith a' gluasad ionad an dotair ann an Stafainn a-steach gu fear de na h-ionadan ùra, le GP làn-ùine stèidhichte ann a bhiodh a' frithealadh air Stafainn, Ùige agus Cille Mhoire.

Chuir an t-Urras iarrtas cead-dealbhachaidh a-steach gu Comhairle na Gàidhealtachd, ach tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' cur na aghaidh.

"'S e rud a tha an t-Urras a' tabhainn, 's e cothrom coimhead air goireas ùr a bhiodh air a chleachdadh le dotairean, fhathast 's dòcha a' tighinn à Port Rìgh, air neo an rud a b' fheàrr leinn buileach glan 's e dotair a bhith stèidhichte anns an sgìre," thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, a tha na bhall den Urras.

"Ach cuideachd tha ùidh againn ann a bhith a' toirt chothroman do ghoireasan eile, no gu seirbheisean eile cuideachd a bhith a' cleachdadh an ionaid ùir a tha seo, a bhiodh 's dòcha a' tighinn a-steach bho sheirbheisean meidigeach, no ceangailte ri slàinte," thuirt e.