Obraichean gus falbh aig Dùnrath

  • 13 An Giblean 2017
Dùnrath Image copyright dsrl

Tha dùil gum falbh 200 cosnadh aig làrach Dhùnrath sa bhliadhna ri tighinn.

Thuirt a' chompanaidh a tha an urra ri bhith a' dì-choimiseanadh an t-seann ionaid niuclasaich gum bi an obair aca aig an làraich deiseil ann an 2029.

Dh'innis iad gun tig cuid de na pròiseictean gu ceann anns na mìosan ri teachd, is mar sin gu bheil dùil aca gun geàrr iad 200 cosnadh sa bhliadhna a tha a' tighinn.

Tha iad ag iarraidh air suas ri 150 duine an dreuchdan fhàgail len toil fhèin.

Thuirt ceannardan aonaidh gu bheil an naidheachd na bristeadh-dùil dhaibh.

Thuirt UNITE gu bheil obair gu leòr aig Dùnrath airson nan obraichean air fad a th' ann a ghlèidheadh.