Beachdan companaidh chumhachd "tamailteach"

  • 13 An Giblean 2017
Crann-gaoithe
Image caption Thuirt Urras Steòrnabhaigh gun robh beachdan Companaidh Chumhachd an Rubha agus Shanndabhaig "tamailteach".

Tha Urras Steòrnabhaigh ag ràdh gu bheil e "tàmailteach" gu bheil Companaidh Chumhachd an Rubha is Sanndabhaig air an ro-innleachd airson chumhachd gaoithe eileanaich a chàineadh.

Thuirt Dòmhnall Iain MacSuain bhon chompanaidh choimhearsnachd gum feum pròiseactan gaoithe coimhearsnachd a bhith aig meadhan chumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan ma tha an gnìomhachas gu bhith buan.

Thuirt e gu bheil e follaiseach nach eil poileasaidh Chomhairle nan Eilean Siar gu ruige seo air obrachadh, agus gum feum iad coimhead ris às ùr.

Bha Mgr MacSuain a' bruidhinn às dèidh do Rùnaire a' Chumhachd, Greg Clark, tadhal air Steòrnabhagh Diluain.

"Lagachadh"

Thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, gum faodadh beachdan na companaidh coimhearsnachd an argamaid aison taic Riaghaltais a lagachadh.

"Tha e tamailteach ma tha rudan a-nis a' tighinn an-àirde a dh'fhaodadh leisgeul a thoirt do dhaoine seo a thionndadh sìos - tha sinn an dòchas nach tachair sin 's tha sinn an dòchas gu bheil am ministear, a rèir na chuala sinn Diluain, truasail, mothachail agus gu bheil an t-ùghdarras agus an cumhachd aige fhèin an Riaghaltas a thoirt leis airson cead a thoirt dhuinn an rud a tha sinn ag iarraidh a dhèanamh, agus dha na h-Eileanan air fad".

Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd nach gabh càball dealain ùr a stèidheachadh eadar na h-Eileanan is Tìr-Mòr às aonais nan sgeamaichean mòra coimearsalta.

Cuideachadh

Thuirt Mgr MacÌomhair, ge-tà, gu bheil iad air feuchainn ris a h-uile sgeama chumhachd a thàinig fan comhair a chuideachadh.

"Tha sinne air a bhith a' dèanamh ar dìcheill a' feuchainn ris a h-uile pròiseact a thàinig air ar beulaibh a chuideachadh, agus tha sin a' cunntadh a' phròiseict aca fhèin (Companaidh Chumhachd an Rubha is Sanndabhaig).

"Tha sinn a' faicinn pròiseict ann an Tolastadh a' dèanamh obair ionmhalta, tha sinn air a bhith a' feuchainn ri cuideachadh bailtean eile a tha a' coimhead ri gnìomhachasan dhaibh fhèin, ach chan urrainn dha càil tachairt air sgàth is nach eil càball ann", thuirt e.

Dh'iarr e gun obraich a h-uile buidheann a th' ann còmhla, is rabhadh aige gum bi call ann a bheir buaidh air na ginealaich ri tighinn mura tig càball ùr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile