Mì-thoileachas mòr mu aiseagan Shlèite

  • 13 An Giblean 2017
MV Coir' Uisg'
Image caption Tha muinntir Shlèite air a bhith ag iomairt airson an MV Coir' Uisg' fhaighinn air ais

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh gu bheil an t-seirbheis aiseig eadar Armadal agus Malaig a cheart cho dona am-bliadhna, mura h-eil i nas miosa.

Tha a' bhuidheann a' dèanamh dheth, bho thòisich clàr-ama an t-Samhraidh aig deireadh a' Mhàirt, gun deach 36 seirbheis a chur dheth ann an 12 là.

Tha an dà chuid muinntir Shlèite agus muinntir Loch Abair mì-thoilichte mun dòigh anns an deach an aiseag a chaidh a dhealbh airson na slighe, an MV Coir' Uisg', a thoirt air falbh 's iad a' gearain nach eil na soithichean a chaidh a chur na h-àite freagarrach air a son.

'S iad an MV Loch Fyne agus an MV Lord of the Isles a tha a' frithealadh na slighe am-bliadhna.

"Mì-fhreagarrach"

Thuirt Cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruaraidh Moireach, nach eil an dòigh anns a bheil an Lord of the Isles cuideachd a' siubhail a dh'Uibhist freagarrach dhaibh-san.

"Mura h-urrainn dhi seòladh às Uibhist - neo gum feum i falbh tràth a dh'Uibhist air sgàth na droch shìde - tha sin a' toirt na seirbheis air falbh bhuainne".

Thuirt Mgr Moireach gun do sheall figearan ChalMac fhèin gun tàinig lùghdachadh air an àireamh dhaoine a chleachd an t-seirbheis an-uiridh - nuair a bha àrdachadh ri fhaicinn ann an àiteachan eile.

"Chaill sinn na busaichean, chaill sinn luchd-coimearsalta, chaill sinn a h-uile seòrsa luchd-siubhail air an t-seirbheis seo - chan e naidheachd mhath a tha sin idir".

Ged a tha na h-aiseagan comasach air barrachd charbadan a ghabhail - mar a gheall CalMac - tha Mgr Moireach ag ràdh nach eil sin gu feum sam bith mura seòl iad.

Thuirt CalMac gun do dh'iarr muinntir Shlèite tuilleadh sheirbheisean agus barrachd àiteachan 'son luchd-siubhail, cho math ri seirbheis nas earbsaiche san fharsaingeachd.

Thuirt iad gur e sin a tha iad a' faighinn leis an Lord of the Isles agus an Loch Fyne.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile