An A82 air fosgladh a-rithist

  • 12 An Giblean 2017

Tha an A82 air fosgladh a-rithist às deidh tubaist Diciadain anns an deach fireannach air motor-baidhseagal a mharbhadh.

Bhuail am motor-baidhseagal agus bus na chèile mu 1f aig an Lagan faisg air Inbhir Garadh.

Cha deach duine a bh' air bòrd a' bhus a ghoirteachadh.

Cha deach an duine a bhàsaich ainmeachadh fhathast ach chaidh fios a chur gu theaghlach.