Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cosnaidhean

Tha ìre cion-cosnaidh na Rìoghachd Aonaichte aig an ìre as lugha ann an còrr 's 40 bliadhna. Thàinig an àireamh a bha gun chosnadh ann am Breatainn a-nuas mu 45,000, gu beagan a bharrachd air 1.5 millean anns na trì mìosan gu deireadh a' Ghearrain. 'S ann anns a' bhliadhna 1975 a bha an àireamh cho ìosail sin mu dheireadh. Agus bha nas lugha de shluagh na h-Alba a' sireadh obrach, sìos mu 15,000 gu 123,000.

Borussia Dortmund

Tha ùghdarrasan na Gearmailt a' rannsachadh an e ionnsaigh cheannairc Ioslamach a chaidh a thoirt air bus sgioba a' bhuill-choise Borussia Dortmund a-raoir. Bha trì spreadhaidhean ann faisg air a' bhus. Chaidh fear den sgioba a thoirt dhan ospadal le cùl a dhùirn briste agus chaidh oifigear poilis a bha air motar-baidhsagal a ghoirteachadh.

Siria

Dh'innis Ministear Cèin na Ruis, Sergei Lavrov, do Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Rex Tillerson, gum feum iad tighinn gu tuigse air poileasaidh eadar-nàiseanta a' Chinn-Suidhe Trump. Thuirt Mgr Lavrov, aig toiseach nan còmhraidhean eadar iad ann am Mosgo, nach urrainn dha na Stàitean Aonaichte ionnsaigh eile a thoirt air Siria den t-seòrsa a bh' ann an t-seachdain seo chaidh. Tha làn dùil ge-tà gun iarr Mgr Tillerson air a' Khremlin sgur den taic do Riaghaltas a' Chinn-Suidhe Assad ann an Siria.

Brexit

Tha comataidh thar-phàrtaidh ann an Westminster ag ràdh gun robh laigse anns a' bhòt an-uiridh air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach. Thuirt Comataidh na Rianachd Poblaich agus Cùisean na Bun-Reachd nach do rinn ministearan ullachadh ceart mu choinneimh gach co-dhùnadh a dh'fhaodadh tighinn à bhòt Brexit, agus gum feum Riaghaltas na h-Alba a bhith faiceallach nach tachair sin ann an referendum eile air neo-eisimeileachd. Thuirt Oifis a' Chaibineit gun deach referendum an EU a ruith mar bu chòir.

Bùthainnean

Tha Alba a' call bhùthainnean nas luaithe na tha sgìre sam bith eile ann am Breatainn a rèir PWC, buidheann a tha a' toirt comhairle air gnìomhachas. Tha rannsachadh a rinn iad ag ràdh gun do dhùin 366 bùth ann an Alba an-uiridh agus nach do dh'fhosgail às ùr ach 254. 'S e lùghdachadh de 3.5% a tha sin, mu choinneimh 1.5% air feadh Bhreatainn.

Tobar Mhoire

Tha muinntir Mhuile a' gabhail dha na meadhanan sòisealta 's e a' fàilleachadh orra ceannard ùr fhaighinn do dh'Àrd-sgoil Thobar Mhoire. Tha faisg air bliadhna ann bho dh'fhalbh an ceannard mu dheireadh agus tha buidheann de phàrantan ag ràdh a-nis gun toir iad cuideachadh do Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid, air a bheil e a' fàilleachadh ceannard ùr fhastadh. Tha iad a' cur shanasan ùra a-mach a tha a' moladh cho tarraingeach 's a tha Muile.