An t-slighe air ais?

  • 12 An Giblean 2017
Image caption Dh'fhoillsich Willie Rennie Manifesto nan Lib Deamach

Tha tòrr an crochadh air na taghaidhean ionadail do na Lib Deamaich Albannach.

Aig an taghadh mu dheireadh, an 2012, chaill iad an dàrna cuid de na suidheachain aca agus an luchd-bhòtaidh gam peanasachadh airson na co-bhanntachd leis na Tòraidhean aig Westminster.

Anns a' Chèitean tha iad ag amas air co-dhiù cuid de na suidheachain sin a choisinn air ais.

Tha foillseachan an latha an-diugh a' mìneachadh nam prìomhachas nàiseanta aca.

Nam measg, tha:

  • Slàinte inntinn
  • Foghlam
  • Cur às don chìs chomhairle
  • Taic airson na Rìoghachd Aonaichte agus an Aonaidh Eòrpaich
  • Reifreann air aonta sam bith a ruigear air Brexit

Dòchas

Tha am pàrtaidhean a' faicinn adhbharan dòchais air thoiseach air an taghadh seo.

Dh'èirich leotha air Ghàidhealtahcd bho chionn goirid agus Trish Robasdan a' coisinn suidheachan ann an Cùil Lodair agus Àrd nan Saor as t-fhoghar.

Ghabh brathar Roseanna Choineagan, Crìsdean, suidheachan do na Lib Deamaich cuideachd anns an Dàmhair aig fo-thaghadh ann an Glaschu.

Mar sin, tha pàrtaidh Willie Rennie airson 's gun lean an soirbhicheas sin nuair a thèid an dùthaich air fad do na bogsaichean-baileit.

Thuirt Mgr Rennie gun cuireadh iadsan daoine - seach neo-eisimeileachd - air thoiseach, ag ràdh nach bi aire an SNP no na h-Uainich far am bu chòir.

Mar as àbhaist, is iad an luchd-bhòtaidh a chuireas romhpa ciamar a nì iad taghadh.