Seilein gan goid sna Hearadh

  • 12 An Giblean 2017
Beachaidean Image copyright M J Richardson/Geograph

Chaidh seilein dubha dùthchasach, a tha tearc agus cudromach airson seilein a ghlèidheadh ann an Alba, a ghoid anns na Hearadh.

Chaidh dà bheachaid a ghoid fhad 's a bha an duine leis a bheil iad, Gavin Jones, a' coimhead às dèidh athar, a tha tinn.

'S e na Hearadh fear den ghlè bheag de dh'àiteachan air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan far nach eil am parasaid Varoa air nochdadh.

Tha Varoa air sgrios mòr a dhèanamh air seilein mheala air feadh a' chuid as motha den dùthaich.

Tha seilein dubha dùthchasach nas comasaiche na seilein eile air tighinn beò aig tuath, agus tha oidhirpean a' dol ann an corra sgìre gus an àireamhan a mheudachadh.

Tha an obair seo a' dol air adhart ann an Colbhasa, Ceann Loch Iù, agus ann an Srath Spè.

Chan fhaodar seilein de sheòrsa sam bith eile a chumail ann an Colbhasa no ann an Ceann Loch Iù, gu laghail, gus bacadh a chur air briodadh le seòrsaichean eile.

Tha Mgr Jones air a bhith a' briodadh sheilean dubha dùthchasach airson grunn bhliadhnaichean, agus chaidh aige air srèana gu math glan dhiubh a chruthachadh.

Tha mar a chaidh cridhe nan colanaidhean aige - mu 2,000 seilean aig an àm seo den bhliadhna - a ghoid a' fàgail nach gabh na h-àireamhan aca leudachadh gu na deuchean mhìltean as t-Samhradh.

Tha na seilein dubha dùthchasach comasach air sgèith san uisge, agus air làithean gaothach airson biadh a thrusadh.

Thuirt Mgr Jones gu bheil daoine air tighinn thuige ag iarraidh seilein a cheannach bhuaithe roimhe, agus gun robh na chaidh a ghoid gu feum do ghlèidhteachas san fharsainneachd.