Tòraidhean air tagraiche a chur às a' phàrtaidh

  • 12 An Giblean 2017
Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba

Dhearbh Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba gu bheil iad air fear a bha a' seasamh dhaibh anns na taghaidhean ionadail airson uard Beinn nam Fadhla agus Uibhist a Tuath, Ken Mac a' Bhriuthainn, a chur a-mach às a' phàrtaidh, agus nach bi e a' seasamh às an leth san sgìre.

Tha seo às dèidh mar a nochd beachdan gràinneil mun Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, air na meadhanan sòisealta aig Mgr Mac a' Bhriuthainn.

Thuirt am Pàrtaidh Tòraidheach gun robh na chaidh a sgrìobhadh mì-iomchaidh, agus thuirt iad gun deach innse dha Mgr Mac a' Bhriuthainn nach biodh iad a' cur taic ris an iomairt aige.

Bidh ainm Mhgr Mhic a' Bhriuthainn fhathast air na pàipearan baileat 'son an taghaidh air an 4mh là den Chèitean, ge-tà.

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle nan Eilean Siar gun deach Mgr Mac a' Bhriuthainn a chur air adhart mar thagraiche anns an dòigh cheart, agus leis gu bheil na pàipearan baileat air an clò-bhualadh mar-thà, gum bi ainm an tagraiche seo air a' phàipear bhaileat.

Cha d' fhuair sinn beachd bho Mhgr Mac a' Bhriuthainn fhathast.