Feum air barrachd ghaoithe coimhearsnachd

  • 12 An Giblean 2017
Tuath-gaoithe Beinn Ghrìdeig Image copyright Urras an Rubha is Sanndabhaig

Thuirt companaidh chumhachd ann an Leòdhas gum feum pròiseactan coimhearsneachd a bhith aig meadhan cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan an Iar, no nach soirbhich an gnìomhachas.

Thàinig Companaidh Chumhachd an Rubha agus Sanndabhaig air adhart leis a' bheachd às dèidh do Rùnaire a' Chumhachd aig Westminster, Greg Clark, tadhal air Steòrnabhagh an t-seachdain seo.

Gheàrr an Riaghaltas subsadaidh airson tuathan-gaoithe air tìr roimhe, ach thuirt Mgr Clark gu bheil e ag aithneachadh gu bheil suidheachadh eileanan na dùthcha eadar-dhealaichte, is gu bheil e a' beachdachadh air a' ghnothach.

A rèir Companaidh Chumhachd an Rubha agus Sanndabhaig, tha na h-Eileanan an Iar ann an suidheachadh nas laige na eileanan eile na h-Alba.

Thuirt iad gun robh ùidh mhòr aig Mgr Clark ann an sgeamaichean cumhachd coimhearsnachd.

Cudromach

Thuirt iad gu bheil àite glè chudromach aig sgeamaichean coimhearsnachd anns na planaichean a th' ann an Arcaibh is Sealtainn, ach gur e sgeamaichean coimearsalta as motha a tha gan cur air adhart anns na h-Eileanan an Iar.

Feumaidh sin atharrachadh, thuirt iad.

"Tha e follaiseach nach eil na Tòraidhean a' dol a ghabhail ri subsadaidh dha tuathan-gaoithe air tìr", thuirt Dòmhnall Iain MacSuain bho Chompanaidh Chumhachd an Rubha 's Sanndabhaig.

"Cha robh e sa mhanifesto aca, is bidh e ao-comasach dhaibh sin a dhèanamh gun ùpraid mhòr taobh a-staigh a' phàrtaidh.

Teachdaireachd

"Ach tha Greg Clark air tighinn suas is tha e air an teachdaireachd a chur a-mach, ma ghabhas sinn slighe eile dhan ghnothach, gun èist e ris agus tha mise làn chinnteach gun dèan e e.

"'S e sin a dhol sìos an t-slighe a bha sinne a' moladh bho thùs, gum feum a' choimhearsnachd a bhith aig cridhe na cùise", thuirt e,

Thuirt Mgr MacSuain gum bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar a-nise taic a bharrachd a thoirt do phròiseactan coimhearsnachd atharrachadh, agus ro-innleachd ùr a chruthachadh.

Thuirt e gum biodh Companaidh Chumhachd an Rubha agus Sanndabhaig glè dheònach obrachadh còmhla ris a' Chomhairle agus Urras Steòrnabhaigh air an ro-innleachd sin.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith ag ràdh bho thùs nach gabh càball dealain ùr a stèidheachadh eadar na h-eileanan is Tìr-Mòr às aonais nan sgeamaichean mòra coimearsalta.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile