Port Inbhir Ghòrdain glè thrang

  • 12 An Giblean 2017
Port Inbhir Ghòrdain

Tha prìomh phort na Gàidhealtachd airson soithichean mòra luchd-turais a' coimhead ri àrdachadh iongantach anns na h-àireamhan am-bliadhna.

Tha Inbhir Ghòrdain a' sùileachadh àrdachadh de 45% de luchd-tadhail, 's a' chiad shoitheach den t-seusan a' tighinn a-steach Diciadain.

Tha caladh domhain ann an Inbhir Ghòrdain a ghabhas soithichean fìor mhòr, is tha na h-àireamhan air bhith a' dol an-àirde beag air bheag bliadhna às dèidh bliadhna.

Chan fhacas a-riamh àrdachadh cho mòr ri seo, ge-tà.

Tha timcheall air 90 soitheach air innse gu bheil iad an dùil tadhail air a' phort air an t-seusan seo, an taca ri 60 an-uiridh.

Thèid àireamh an luchd-turais air na bàtaichean an-àirde bho 92,000 gu còrr is 140,000.

Tha Ùghdarras a' Phuirt ag ràdh gu bheil am fàs a th' ann na chomhara air an deagh sheirbheis a tha iad a' toirt seachad.

Thig an AIDAvita a' seòladh à Hamburg a-steach a dh'Inbhir Ghòrdain Diciadain le 1,200 duine air bòrd.