Ceannard ga lorg ann am Muile

  • 12 An Giblean 2017
Àrd-sgoil Thobar Mhoire

Thòisich pàrantan ann am Muile iomairt gus ceannard fhaighinn dha Àrd-sgoil Thobar Mhoire, is e air fàilligeadh air Comhairle Earra Ghaidheal is Bhòid an dreuchd a lìonadh.

Dh'fhoillsich an t-ùghdarras ionadail sanas-obrach dà thuras thuige seo, ach tha an obair fhathast bàn.

'S e sin a thug air comhairle nam pàrant san sgoil a dhol an sàs is iad a' cleachdadh nam meadhanan sòisealta nan iomairt.

Sgaoil iad fiosrachadh mu Mhuile is cho math 's a tha e a bhith a' fuireach san eilean, a bharrachd air fiosrachadh mun dreuchd fhèin.

A rèir nam pàrantan, tha aona phìos a chuir iad air na meadhanan sòisealta air cha mhòr 300,000 duine a ruighinn.

"Tha sinn a' coimhead airson barrachd dhaoine a thàladh dhan obair", thuirt Sarah NicAnndrais, a tha na pàrant aig an sgoil.

"Tha iad a' cur a-mach fiosrachaidh an-dràsta air loidhne, gu h-àraidh anns na meadhanan sòisealta, far a bheil daoine a' faicinn rudan mu dheidhinn na sgoile fhèin, mu dheidhinn na coimhearsnachd a th' againn ann am Muile, an sgìre a th' againn an seo, an t-eilean fhèin.

"Tha iad an dòchas, dìreach le a bhith a' sanasachd nan rudan seo, 's dòcha gum faic daoine a bharrachd an obair is gum bi cuideiginn air an tàladh dhan eilean", thuirt i.

Thèid an obair a shanasachd a-rithist an t-seachdain seo, is pàrantan Mhuile an dòchas gum bi grunn thagraichean ann an turas seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile