Coinneamh mu chosgaisean àrda pharsailean

  • 11 An Giblean 2017
Làrach-lìn Pharcelforce

Coinnichidh Ball-pàrlamaid Mhoireibh, Aonghas Robasdan, ri stiùiriche Parcelforce an ath-sheachdain a bhruidhinn mu na cosgaisean a bharrachd a dh'fheumas gnothachasan a phàigheadh airson seirbheis lìbhrigidh pharsailean mu thuath agus anns an ear-thuath.

Thathas a' cur às leth na companaidh gu bheil iad a' toirt seirbheis choitchinn do luchd-cleachdaidh phearsanta, ach a' cur suas nan cosgaisean airson cùmhnantan coimeirsealta.

Chan e seo a' chiad uair a chaidh companaidhean a chàineadh airson a bhith a' cur chosgaisean àrda air seirbheis lìbhrigidh pharsailean sa cheann a tuath.

Gu math tric tha cosgaisean a bharrachd air parsailean a tha a' dol tuath air Peairt.

Cosgaisean a bharrachd

Agus bidh cuid de chompanaidhean a' diùltadh parsail a chur idir dhan Ghàidhealtachd 's do na h-eileanan.

Tha Aonghas Robasdan a' dol a bhruidhinn ri stiùiriche gnothaichean poblach agus poileasaidh a' Phuist Rìoghail, Daibhidh Gold, mu aithrisean gu bheil Parcelforce - a tha fo smachd a' Phuist Rìoghail - a' cur chosgaisean a bharrachd air parsailean a tha a' dol dhan cheann a tuath.

A-rèir cuid de ghnothachasan bhiodh e na bu shaora parsail a chur eadar a' Ghàidhealtachd agus Lunnainn nam biodh e ga chur gu seòladh eile mu thuath.

Coinnichidh Mgr Robasdan agus Mgr Gold an ath-sheachdain.