A' chiad ghuth

  • 11 An Giblean 2017
Image copyright Pàrtaidh Uaine na h-Alba
Image caption Manifesto Uaineach

Is àm taghaidh a tha ann a-rithist.

Am bliadhna-sa, thèid iarraidh oirrn comhairlichean a thaghadh a bhios gar riochdachadh aig ìre ionadail.

Is iad na h-Uainich a' chiad phàrtaidh am foillseachan aca a chur fa chomhair an luchd-bhòtaidh,

A-measg na prìomh amasan aca tha:

  • Cur às don chìs chomhairle agus cìs seilbhe "nas cothromaiche" a chur na h-àite
  • Tuarasdail £9.20 gach uair airson luchd-cùraim
  • Meud clasaichean sgoile a chumail sìos agus luchd-teagaisg fhastadh a thèid an àite na feadhna a chaidh a ghearradh
  • Uairean cùram-cloinne nas sùbailtiche do phàrantan
  • Plana banna-leathainn do gach comhairle taobh a-staigh bliadhna
  • Màil nas ìsle agus 12,000 taigh ùr air màl gach bliadhna
  • Dìon a chur air àiteachan uaine agus làraich fiadh-bheatha

Aire

A' cur an fhoillseachain air bog ann an Glaschu, chuir na h-Uainich cuideam air a' chliù aca aig ìre ionadail, a' cumail a-mach gur e comhairlichean dìcheallach a bha annta.

Dhearbh iad gun robh barrachd "ghuthan uaine" a dhìth air na comhairlean airson seirbhisean poblach a dhìon.

Tha Pàdraig Harvie air a ràdh nach bu chòir don deasbad mun bhun-reachd aire a thoirt air falbh bho ghnothaichean ionadail.

Ach tha fios gun toir an sgaradh as motha ann an poileataigs na h-Alba buaidh air an taghadh seo.

Tha agus aig na h-Uainich fhèin agus iad an dòchas gun faigh iad taic an ìre ionadail bho chuid a bheireadh don SNP i aig ìre nàiseanta.

Chan eil aca ach ceithir seachdainean airson an taic sin a shireadh.