An Sealladh bhon Roinn Eòrpa

  • 11 An Giblean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Pàrlamaid na h-Eòrpa anns a' Bhruiseil

A' leantainn air an aithris againn air beachdan nam ball-pàrlamaid Eòrpach air thoiseach air a' chòmhradh eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an còrr, sgrìobh 50 ball gu Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid Eòrpach.

Air cùl na litreach bha dithis uaineach - aig Holyrood, Ross Greer, agus a caraid Gearmailteach anns a' Phàrlamaid Eòrpaich, Terry Reintke, ris an do bhruidhinn sinn fhìn.

Thuirt luchd na litreach na bha gu leòr ag ràdh rinne far a' chamara, gun cuireadh fàilte air Alba mar bhall neo-eisimeileachd den Aonadh Eòrpach.

Chaidh an aithris againne an seo a thogail mus deach Artagail 50 a chur an gnìomh, anns an t-seachdain anns an do dh'iarr Nicola Sturgeon an cumhachd airson dàrna reifreann a chumail air an neo-eisimeileachd.

Fhuair sinne gun robh taic agus truaghas do mhuinntir na h-Alba às dèidh mar a bhòt mòr-chuid airson fuireachd anns an Aonadh Eòrpach.

Fhad 's a leanas an còmhradh leis an Rìoghachd Aonaichte, bidh luchd-pàrlamaid Eòrpaich a' cumail sùil gheur air an deasbad aig an taigh.