Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An G7

Thuirt Ministear Cèin na Frainge gun do dh'fhailich e air dùthchannan an G7 aonta a ruigheachd mu leudachadh air casg-bhannan an aghaidh na Ruis agus Siria an dèidh na h-ionnsaigh ceimigich an t-seachdain seo chaidh. Bha coinneamh an G7 anns an Eadailt a' deasbad dè bheireadh air an Ruis stad de an taic dhan Cheann-Suidhe Assad ann an Siria mus tèid Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Rex Tillerson, air turas dhan Ruis a dh'aithghearr.

Stokholm

Thuirt fear-lagha san t-Suain gun do dh'aidich an duine a tha fo amharas gur e a rinn ionnsaigh cheannairc ann an Stokholm Dihaoine seo chaidh. Bha an duine, a bhuineas do dh'Usbeagastan, anns a' chùirt ann an Stokholm an-diugh fo amharas gur e a mharbh còignear nuair a bhuail e annta le làraidh.

An Atmhorachd

Dh'fhuirich reata na h-atmhorachd, a rèir chlàr an CPI aig 2.3% anns a' Mhàrt. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta ged a dh'èirich prìs a' bhìdhe, deoch-làidir agus tombaca, gun do chuir siubhal adhair nas saoire smachd air sin.

Coirea a Tuath

Thuirt Coirea a Tuath gun cuir i dìon oirre fhèin "le neart" ma thig oirre, an dèidh dha na Stàitean Aonaichte bàtaichean cogaidh a chur dhan sgìre. Thuirt an Riaghaltas ann am Pyongyang gu bheil na rinn na Stàitean Aonaichte a' dearbhadh gun robh e ceart do Choirea a Tuath armachd niuclasach ullachadh.

NHS na Gàidhealtachd

Tha NHS na Gàidhealtachd an sàs ann an sgeama pìleat a dh'fhaodadh, tha iad ag ràdh, ceudan mhìltean Not a chùmhnadh dhaibh, agus do bhùird shlàinte air feadh Alba. Tha an sgeama, a thàinig às na Stàitean Aonaichte, a' ciallachadh gu bheil aon uard ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis air £6,000 gach mìos a shàbhaladh le dòigh ùir air drogaichean òrdachadh, agus aig an aon àm a' leudachadh air an ùine a tha nursaichean a' frithealadh air euslaintich.

Taigheadas Inbhir Nis

Tha comhairlichean a' beachdachadh an-diugh air cead do sgeamaichean taigheadais ùra ann an Inbhir Nis. Chaidh iarraidh air Comataidh Dealbhachaidh Taobh a Deas a' bhaile cead a thoirt do dh'fhaisg air 50 taigh ùr air Sràid Baile Mhonaidh ann an sgìre Mhuileann an Lèighis, agus tha Barrat Homes ag iarraidh cead còrr is 80 taigh a thogail ann an Cùil Daothail.