Àrd-choinneamh an A82

  • 11 An Giblean 2017
Clach nan Tarbh Image copyright David Dixon / Geograph
Image caption Chaidh cha mhòr £10m a chosg air obair-leasachaidh aig Clach nan Tarbh.

Chuir Ministear na Còmhdail, Humza Yousaf, coinneamh shònraichte air dòigh airson bruidhinn mu dhraghan mu rathad an A82.

Chaidh £82m a chosg air an rathad anns an deich bliadhna a chaidh seachad, còrr is £11m sa bhliadhna ionmhais mu dheireadh.

Chosgadh a' mhòr-chuid den airgead ann an ceann a deas na Gàidhealtachd, le £5m ga chosg air seach-rathad na Crìon-Làraich, is cha mhòr £10m air an rathad a leasachadh aig Clach nan Tarbh ri taobh Loch Laomainn.

Tha gearanan air nochdadh ann an sgìrean eile mu staid an rathaid, ge-tà, is casaidean ann nach deach airgead gu leòr a chosg air.

Tha Mgr Yousaf air a bhith a' còmhradh mar-thà ris a' bhuidhinn iomairt Com-pàirteachas an A82, is ri Seòmraichean Malairt Loch Abair, is thuirt e gu bheil e mothachail gu bheil draghan ann mun rathad.

Tha e a-nise air a' choinneamh shònraichte a chur air dòigh, is e ag ràdh gum faigh a h-uille duine cothrom ceistean a thogail.

'S ann san Òg-Mhìos a bhios a' choinneamh.