Ceumannan beaga ann an Ceap Breatainn

  • 11 An Giblean 2017
Màbu

Tha sgeama ùr gus tòiseachadh ann an Ceap Breatainn far am faigh pàrantan agus pàistean cothrom Gàidhlig ionnsachadh còmhla - le dòchas gum faodadh rudeigin gu math nas motha tighinn às air a' cheann thall.

Chaidh na h-uimhir de dh'adhartas a dhèanamh a thaobh na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Tha cùrsaichean bogaidh air soirbheachadh gu math, is ginealach ùr de luchd-ionnsachaidh air tighinn tromhpa.

Thàinig sin aig àm nuair a bha an ginealach mu dheireadh, cha mhòr, de luchd-labhairt le Gàidhlig bhon ghlùin ann an àiteachan mar Cheap Breatainn gu math suas ann am bliadhnaichean.

Tha an luchd-ionnsachaidh air a' Ghàidhlig a chumail a' dol nuair a bha cunnart ann gun robh an cànan air leabaidh a' bhàis ann an Albainn Nuaidh.

Clann

Thathas ag aithneachadh, ge-tà, nach dèan luchd-ionnsachaidh inbheach leotha fhèin an gnothach, is gum feumar uaireigin barrachd a dhèanamh gus clann òga a bhrosnachadh Gàidhlig a bhruidhinn.

'S e sin a thachras tron sgeama ùr ann am Màbu anns na seachdainnean ri tighinn.

'S e 'Màthair is Pàiste' a th' air, is Stacey NicIllEathain gu bhith os cionn sèiseanan Gàidhlig le pàrantan is pàistean dà mhadainn san t-seachdain.

Thathas an dòchas brath a ghabhail air buidhinn de phàrantan san sgìre le cloinn òig is ùidh sa Ghàidhlig.

'S e toiseach-tòiseachaidh a tha seo, ach le ceann-ùidhe cinnteach san amharc.

Tha Coinneach MacCoinnich ann am Màbu, aig a bheil mac is nighean òg, am measg na tha air a bhith ag obair a dh'ionnsaigh seo.

"Tha sinn ag iarraidh pàrantan a tharraing a-staigh is tòiseachadh le seo is beagan Ghàidhlig ionnsachadh dhaibh", thuirt Coinneach.

"Ma dh'fhaoite ann am bliadhna no dhà, còig bliadhna, gum bi sgoilearan gu leòr againn airson sgoil a thòiseachadh.

"S e seo a' chiad cheum ann am pròiseict nas motha, tha sinn an dòchas".

'S iomadh cànan a tha air an teagaisg ann an sgoiltean Chanada mar-thà, le foghlam tro mheadhan na Fraingis is cànan nam Mi'kmaq ann an Ceap Breatainn fhèin, a bharrachd air a' Bheurla.

Togail

Tha Coinneach den bheachd gu bheil an t-àm ann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thòiseachadh, is gur e rud a tha sin a bheireadh togail dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd.

"Tha mi a' smaointinn gur e rud mòr a bhiodh ann.

"Tha sinn air faighinn a-mach gu bheil na h-àireamhan a' dol sìos anns na sgoiltean agus tha mi a' smaointinn gum biodh sgoil Ghàidhlig, gum biodh e math do shaoghal na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh, ach bhiodh e math dhan choimhearsnachd cuideachd.

"S e rud diofraichte a bhiodh ann agus tha mi a' smaointinn gum biodh e gu math cudromach airson ar fèin-aithne an seo ann an Ceap Breatainn.

"Tha inbhich air a bhith ag ionnsachadh is tha sin a' dol uabhasach math, ach tha mi a' smaointinn gu bheil feum againn obair a dhèanamh a thaobh an fheadhainn òga airson is gum bi iad a' fàs suas leis a' Ghàidhlig", thuirt e.

Ceumannan beaga ann an Ceap Breatainn, le dòchas air ceum mòr a dh'aithghearr.