Sgeama aig an Ràthaig Mhòr a' soirbheachadh

  • 11 An Giblean 2017
NHS na Gàidhealtachd

Tha Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd an sàs ann an sgeama pìleat a dh'fhaodadh ceudan mhìltean Notaichean a chùmhnadh dhaibh fhèin, agus air a' cheann-thall do bhùird shlàinte air feadh na h-Alba.

Fon sgeama, tha smachd gu math nas dlùithe ga chumail air mar a tha leithid òrdughan dhrogaichean gan làimhseachadh.

Chaidh cuideachd obair nan sioftaichean atharrachadh, le cuid den obair a bha ann tron là roimhe a-nise air a dèanamh tron oidhche.

Tha sin air fàgail gu bheil barrachd ùine aig luchd-obrach tron là ùine a chur seachad còmhla ri euslaintich.

Chaidh am pròiseact a chur air dòigh ann an co-bhann ri buidhinn slàinte ann am Boston anns na Stàitean Aonaichte, is NHS na Gàidhealtachd air aontachadh deuchainn a dhèanamh leis ann an aon uard aig Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Bho thòisich an sgeama, bha sàbhaladh £6,000 gach mìos san uard.

Dh'fhaodadh seo feum mòr a dhèanamh dhan Bhòrd-Shlainte, is sàbhalaidhean mòra aca ri dhèanamh.

Tha iad a-nise a' beachdachadh air an sgeama a chur an sàs ann an uardan eile aig Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Ma shoirbhicheas leis, thèid a sgaoileadh gu ospadail eile air a' Ghàidhealtachd, is còmhraidhean ann mar thà cuideachd ri bùird-shlainte èile ann an Alba.