"Ceò" air a' Bhlàr Dhubh

  • 11 An Giblean 2017

Dh'innis an t-seirbheis smàlaidh gun d'fhuair iad smachd air tachartas aig factoraidh air a' Bhlàr Dhubh, faisg air Inbhir Nis.

Chaidh fios a chur orra mu 4.15 sa mhadainn gun robh ceò a' tighinn à togalach SGL Technic aig pàirce gnìomhachais sa bhaile.

Chaidh ceithir innealan smàlaidh is deich smàladair thar fhichead dhan làraich.

Thàinig orra uidheamachd sònraichte a chleachdadh airson dèiligeadh ri stuth ceimigeach.

Dhearbh an t-seirbheis smàlaidh gun d'fhuair iad smachd air an t-suidheachadh.