Cothrom fhathast air subsadaidh gaoithe

  • 11 An Giblean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Cothrom fhathast air subsadaidh gaoithe às dèidh coinneamh ann an Leòdhas

Nochd misneachd gum faodadh fuasgladh a bhith ann fhathast airson gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan an Iar, às dèidh do Rùnaire Cumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Greg Clark, tadhal air an sgìre Diluain.

Fhuair an gnìomhachas buille roimhe nuair a dh'innis an Riaghaltas nach biodh subsadaidh ann airson tuathan-gaoithe air tìr, a' gabhail a-steach eileanan.

Chuir sin an ceòl air feadh na fidhle, is rinn an an Riaghaltas co-chomhairle air suidheachadh nan eilean.

A' bruidhinn ann an Steòrnabhagh Diluain, thuirt Greg Clark gu bheil e ag aithneachadh gu bheil suidheachadh nan Eilean Siar diofraichte an taca ri Tìr-Mòr.

Dh'innis Mgr Clark gu bheil e fhathast a' beachdachadh air a' chùis, is gun dèan e a dhìcheall fuasgladh a lorg.

Thuirt Ball nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, gum b'fheàrr leis gun robh co-dhùnadh air tighinn bho Mhgr Clark, ach co-dhiù gu bheil boillsgeadh dòchais ann.

"Chan eil an doras air a dhùnadh mar sin, ach a-rithist chan eil an doras fosgailte", thuirt Mgr MacNìll.

"Tha sinn beò le dòchas a-rithist. B'fheàrr leam gun robh sinn beò le freagairtean", thuirt e.

Gheall Mgr MacNìll gun tèid uallach a chumail air an Riaghaltas.

Bha Ministear a' Chumhachd aig Riaghaltas na h-Alba cuideachd an làthair aig na còmhraidhean.

Thuirt Pòl Wheelhouse gu bheil dòchas ann, is dh'iarr e co-dhùnadh san aithghearrachd.