Fear motar-baidhseagail air bàsachadh

  • 10 An Giblean 2017
Riseard Findon Image copyright Poilis na h-Alba

Tha fear motar-baidhseagail a chaidh a leòn ann an tubaist air an A95 ann an Srath Spè air a' mhìos a dh'fhalbh air bàsachadh anns an ospadal.

Chaidh Riseard Findon, 36, à sgìre Bhucksburn an Obar Dheathain, a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir an Inbhir Nis às dèidh na tubaiste ann an Cromdhail air an 25mh dhen Mhàrt.

Thachair an tubaist, anns an robh motar-baidhseagal Mhaighstir Findon agus Land Rover Discovery mu 09:30.

Cha deach duine eile a ghoirteachadh.

Thuirt Poilis na h-Alba gun tèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.