Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

G7

Tha a h-uile coltas gur e Siria as motha a bhios air aire mhinistearan cèine dùthchannan an G7, a tha a' coinneachadh airson dà là anns an Eadailt. Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Rex Tillerson, ag iarraidh air an Ruis astar a chur eadar iad agus an Ceann-Suidhe Assad ann an Siria.

Banca Barclays

Tha ùghdarrasan riaghlaidh an ionmhais a' rannsachadh àrd-oifigich Bhanca Barclays, Jes Staley. Tha iad a' sgrùdadh oidhirp Mhgr Staley air faighinn a-mach cò de luchd-obrach a' bhanca a thog dragh mu chuideigin a chaidh ùr-fhastadh mar àrd-mhanaidsear. Chronaich bòrd Bharclays Mgr Staley, agus chaidh a thuarastal a ghearradh.

Shell

Tha a' bhuidheann ghlèidhteachais Greenpeace ag ràdh gum faodadh plana na companaidh ola Shell airson seann raon Brent a bhith a' briseadh lagh eadar-nàiseanta. Tha Shell, a tha a' dùnadh raoin Brent, am beachd casan trì den cheithir chlàran ola fhàgail anns a' mhuir. 'S e an-diugh an là mu dheireadh den cho-chomhairle phoblaich air plana Shell.

Cumhachd Ath-nuadhachail

Tha ministearan bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba a' coinneachadh ann an Steòrnabhagh an-diugh a dheasbad chumhachd ath-nuadhachail nan Eilean Siar. Tha mì-chinnt ann mu shubsadaidh do sgeamaichean anns na h-Eileanan, agus mu chàball ùr airson cumhachd a chur gu Tìr-Mòr. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil suidheachadh nan eilean airidh air taic air leth.

Tubaist

Tha rathad an A831 dùinte an-dràsta faisg air Druim na Drochaid an dèidh tubaiste aig Milton. Chan eil slighe eile fosgailte timcheall air sin, agus tha pàirt den phrìomh rathad, an A82, dùinte eadar Druim na Drochaid agus Inbhir Moireasdain, an dèidh tubaiste aig Allt Saighe.

Gleann a' Chaolais

Tha am bàt-aiseig Gleann a' Chaolais, a bhuineas dhan choimhearsnachd, a' tilleadh chun na slighe eadar Gleann Eilg agus Caol Reatha an-diugh an dèidh càradh agus ùrachadh a chosg còrr air £80,000. 'S i an aiseag mu dheireadh air an t-saoghal le deic a bhios an criuth a' tionndadh airson na càraichean a chur oirre agus a chur dhith.