100 bliadhna bho thòisich Blàr Arrais
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

100 bliadhna bho thòisich Blàr Arrais ga chomharrachadh

10 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nochd còrr is ceud neach an Inbhir Nis son comharrachadh gu bheil 100 bliadhna ann bhon a thòisich Blàr Arrais anns a' Chogadh Mhòr.

Mhair an t-sabaid còrr is mìos agus chaidh 18,000 saighdear Albannach a mharbhadh ann.

B' e an call beatha as motha a dh'fhulaing na rèisimeidean Albannach anns an 20mh linn.