Luchd-ealain camanachd gan sireadh

  • 10 An Giblean 2017
Cupa na Camanachd Image copyright Neil G Paterson
Image caption Bidh an luchd-ealain a thèid a thaghadh ag obair le Stiùidio Clo-bhualaidh na Gàidhealtachd.

Tha pròiseact ealain a' sireadh thagraidhean 'son obair ealain ùr a chruthchadh stèidhichte air cultar agus dualchas co-cheangailte ri iomain.

'S e Stiùidio Co-bhualaidh na Gàidhealtachd, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis a chuir am pròiseact air dòigh.

Thèid ceathrar luchd-ealain a thaghadh airson sreath de phìosan ealain ùra a chruthachadh.

Cuiridh an luchd-ealain ùine seachad còmhla ri ceithir sgiobaidhean agus na coimhearsnachdan mun cuairt orra.

Agus thèid an obair ealain a thig às a' phroiseact a thaisbeanadh aig a' chuairt-dheireannaich de Chupa na Camanachd 2018.

Cridhe choimhearsnachdan

Tha iomain am measg nan geamaichean as sine san t-saoghal agus aig cridhe mhòran choimhearsnachdan.

Ach tha Stiùidio Clo-bhualaidh na Gàidhealtachd ag ràdh gur e glè bheag de dh'ealain lèirsinnich a chaidh a stèidheachadh air a' chuspair.

Image copyright nicoolay
Image caption Tha beachd ann gu bheil iomain air fear de na geamaichean as sine san t-saoghal.

Feumaidh tagraichean iarrtas a chur a-steach, a' mìneachadh carson a tha iad airson a dhol an sàs anns a' phroiseact agus dè na sgilean a th' aca.

Thèid ceathrar luchd-ealain a thaghadh agus bidh iad ag obair ann an co-bhonn ris na sgiobaidhean iomain sa Mhanachainn, Bail' Ùr an t-Slèibh', sa Ghearasdan agus san Eilean Sgitheanach.

Taisbeanadh

Gheibh iad an cothrom eachdraidh nan sgiobaidhean a rannsachadh, eòlas a chur air na cluicheadairean agus air na daoine eile a tha ag obair gu saor-thoileach 'son an spòrs a chumail a' dol.

Tha dùil gun tèid mu ochd pìosan a chruthachadh agus gheibh an luchd-ealain taic bhon stiùidio chlo-bhualaidh airson an obair aca a chlo-bhualadh.

Às dèidh don obair dheireannaich a bhith air a taisbeanadh aig prìomh gheama an spòrs - Cupa na Camanachd 2018 - thèid a taisbeanadh cuideachd aig a' gheama eadar-nàiseanta 'son 2018 mus tèid an obair air fad a thoirt air chuairt.

Feumaidh na tagraidhean a bhith a-staigh ro 5mh an Ceitean agus bidh am pròiseact fhèin a' ruith eadar an t-Òg-mhios 2017 agus an t-Sultain 2018.