Iasgach ùr airson nan eilean

  • 10 An Giblean 2017
Mucan-creige

Tha iasgach luachmhor air fosgladh do dh'iasgairean a' chosta an iar le tuathan-èisg ag iarraidh mhucan-creige a dh'itheas na mialan-mara a tha nam plàigh air a' bhradan.

Tha na h-iasgairean gan glacadh ann an clèibh agus iad a' faighinn £30 am fear air an fheadhainn as motha.

Thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais: "'S e iasgach ùr a th' ann anns na h-eileanan - tha timcheall air dà bhliadhna a-nis bho chaidh tòiseachadh.

"Tha timcheall air dusan bàta anns na h-eileanan ag obair air tro mhìosan an t-Samhraidh nuair a tha an t-uisge blàth agus tha luach timcheall air £750,000 a' tighinn a-steach dha na h-eileanan."

Bha e ag ràdh gun do chleachd na bàtaichean a bhith ag iasgach airson maoraich, agus gu bheil seo a' toirt cuideam air falbh bhon mhaorach.

Bha e ag ràdh: "Tha na h-iasgairean a tha ag obair air anns na h-eileanan a' dèanamh beò-shlainte glè mhath ann an ùine ghoirid".

Thuirt e cuideachd gun robh buannachd ann do ghnìomhachas a' bhradain, is e nas saoire agus nas fheàrr dhan àrainneachd mucan-creige a chleachdadh airson dèiligeadh ri mialan-mara an àite stuthan ceimigeach.