Còmhraidhean cumhachd an Leòdhas

  • 10 An Giblean 2017
Tuath-gaoithe

Tha còmhraidhean gan chumail ann an Leòdhas Diluain mu chumhachd ath-nuadhachail anns na h-eileanan san àm ri teachd.

Tha ministearan bho Riaghaltas Westminster agus Riaghaltas na h-Alba a' coinneachadh ann an Steòrnabhagh is dùil gum bi ceistean mu shubsadaidhean agus càball dealain a' faighinn prìomhachais.

Tha dìth chàbaill dealain gu Tìr-Mòr a tha mòr gu leòr na chnap-starra nuair a thig e gu tuathan-gaoithe mòra a stèidheachadh anns na h-Eileanan Siar.

Tha planaichean gus càball a thogail aig cosgais de cha mhòr £800m air a bhith air an cur dheth uair is uair agus tha a-nis ceistean ann an fhiach a thogail air sgàth atharraichaidhean anns na h-ìrean de shubsadaidh a tha a' tighinn bhon Riaghaltas.

Tha dùil gun innis riochdairean bhon Chomhairle agus companaidhean leasachaidh dha Rùnaire Riaghaltas Westminster airson Gnothachas agus Cumhachd, Greg Clarke, gu bheil feum air subsadaidh sònraichte dha na h-eileanan.

Tha ministear bho Riaghaltas na h-Alba, Pòl Wheelhouse, cuideachd an làthair is esan ag ràdh gum feum Riaghaltas Westminster tuigsinn cho cudromach 's a tha cumhachd ath-nuadhachail do dh'eaconamaidh nan eilean.