An MV Gleann a' Chaolais ga h-ath-leasachadh

  • 10 An Giblean 2017
An MV Gleann a' Chaolais Image copyright Isle of Skye Ferry Community Interest Company
Image caption Tha an an MV Gleann a' Chaolais faisg air 50 bliadhna de dh'aois

Tha am bàt-aiseig eadar Gleann Eilg agus Caol Reatha a' tilleadh gu seirbheis Diluain, an dèidh ath-leasachaidh a chosg còrr air £80,000.

'S e an MV Gleann a' Chaolais an aon bhàta de a seòrsa a th' air fhàgail air an t-saoghal, leis a' chriutha fhèin a' tionndadh an deic airson càraichean a leigeil dhith.

Tha an Gleann a Chaolais glè fhaisg air 50 bliadhna de dh'aois a-nise.

Seach gur i an aon bhàt-aiseig de a seòrsa a th' air fhàgail air an t-saoghal, thathas ga fhaicinn cudromach a cumail a' dol.

Bha ùrachadh mòr a dhìth.

Chaidh taigh-cuibhle ùr spaideil a chur oirre, le siostam dealain agus innleachd stiùiridh ùr.

Phàigh a' chompanaidh choimhearsnachd leis a bheil i a' chuid mhòr dheth.

Thàinig £30,000 bho Urras Glèidhteachais Ghleann a' Chaolais, agus còrr air £5,000 bho dhaoine air feadh an t-saoghail aig a bheil ùidh anns a' bhàta, an dèidh iomairt air meadhanan sòisealta.

Tha dòchas a-nis gun cùm i a' dol airson 50 bliadhna eile.