Duine a dhìth ann an sgìre a' Phluic

  • 10 An Giblean 2017
Seumas Fewell Image copyright Poilis na h-Alba

Tha iomairt theasairginn a' dol gus lorg fhaighinn air fireannach, 62 bliadhna de dh'aois, a chaidh a dhìth ann an sgìre a' Phluic.

Chaidh Seumas Fewell, air am bithear a' gabhail Bruce, fhaicinn mu dheireadh aig Taigh-Òsta a' Phluic mu 00:30m Disathairne.

Tha heileacoptair nam Maor-Cladaich, an RNLI agus sgioba theasairginn beinne Chinn Tàile air a bhith a' coimhead air a shon.

Tha e 6'1" de dh'àirde le falt fada dorcha a bhios aige ceangailte air cùl a' chinn.

Bha geansaidh gorm agus bòtannan buidhe air an oidhche a chaidh e a dhìth.

Tha e a' fuireach agus ag obair anns a' Phloc

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn fios a chur thuca.