Foran ag iarraidh freagairt làidir

  • 10 An Giblean 2017
Richie Foran Image copyright SNS
Image caption Bha Richie Foran glè mhì-thoilichte aig deireadh a' gheama an aghaidh St Johnstone.

Thuirt manaidsear Chaley Thistle, Richie Foran, gum feum na cluicheadairean aige sealltainn dha an t-seachdain seo gu bheil iad airson sreap far bhonn na Prìomh Lìge.

Tha sgioba Inbhir Nis ceithir puingean air deireadh air càch aig a' bhonn às dèidh dhaibh call 3-0 aig an taigh ri St Johnstone air an deireadh-sheachdain.

Chan eil iad a-nise ach 1 gheama a bhuannachadh às na 21 gheama mu dheireadh a bh' aca.

Bha cothroman aig Caley tron gheama, ach chaidh cùisean gu tur ceàrr dhaibh anns na mionaidean mu dheireadh le Larnell Cole air a chur far na pàirce, is sgioba Pheairt a' cur dà thadal anmoch.

Cha robh Foran air a dhòigh leis an sgioba aige.

"Bha sinn math sa chiad leth, ach chan eil sin math gu leòr", thuirt e.

Misneachd

"Eil sinn a' creidsinn gun urrainn dhuinn tadhal a chur, gun urrainn dhuinn am ball a chumail às an lìon aig a' cheann eile? Tha mi a' smaointinn gu bheil sinn gann de mhisneachd.

"Tha feum air daoine treun aig an ìre seo den t-seusan, is feumaidh mi sgioba a thaghadh a tha a' dol a shealltainn gu bheil e a' ciallachadh na h-uidhir dhaibh a bhith a' fuireach sa Phrìomh Lìog.

"Feumaidh iad sin a shealltainn dhomh ann an trèanadh an t-seachdain seo", thuirt e.

Thèid Caley a-nise a Thobar na Màthar Disathairne - an sgioba a tha dìreach os on cionn - ann an geama fìor mhòr eile.

Mura faigh Foran an fhreagairt a tha e ag iarraidh sa gheama sin, bidh suidheachadh Chaley dubhach dha-rìribh.

Dòchas

Tha coltas beagan nas fheàrr air cùisean dhan sgioba Ghàidhealaich eile is Ross County air tilleadh à Hamaltan le puing.

Bha Accies air thoiseach tràth sa gheama ach fhreagair Craig Curran airson Chounty, às dèidh dha Giannis Skondras aig Hamaltan càirt dhearg fhaighinn.

Bha coltas ann gun robh manaidsear Chounty, Jim Mac an t-Saoir riaraichte le puing, is e den bheachd gun robh Accies mì-fhortanach a thaobh na càirte sin.

"Chan e càirt dhearg a bha sin is tha mi cinnteach, aon aon uair gun toir an rèitire sùil eile air sin, gun soirbhich le ath-thagradh Accies", thuirt Mac an t-Saoir.

"Bha e doirbh dhuinne às dèidh sin an deichnear a bhriseadh sìos", thuirt e.

Tha County fhathast san ochdamh àite san lìog, seachd puingean air thoiseach air Caley Thistle, is trì os cionn Thobhar na Màthar san àite phlay-off.