Binn a' dol air draibhear a mharbh bheat

  • 7 An Giblean 2017
Thomas Wainright Image copyright Iain McLellan/Spindrift Photo Agency

Chaidh binn 12 bliadhna air fear a bha a' draibheadh fo bhuaidh na dibhe agus a mharbh bheat ann am Muile anns an Dàmhair 2015.

Chaidh casg cuideachd air Thomas Wainright bho bhith a' draibheadh airson 15 bliadhna.

Bha e air taobh ceàrr an rathaid agus a' siubhal aig suas ri 95.5m.s.u. ann an carbad Maserati nuair a bhuail e sa bhan aig Theresa Wade.

Chuala a' chùirt mus deach binn a chur air Wainright, 27, gun robh e air a bhith ag òl lionn-ubhail agus uisge beatha fad 8.5 uair de thìde ron tubaist.

Chaidh fhaighinn ciontach gun do dh'adhbhraich e bàs le bhith a' dràibheadh gu cunnartach air a' mhìos a chaidh.

A' cur binn air san Àrd-Chùirt ann an Glaschu, thuirt am britheamh, John Morris QC, gun robh e doirbh dha lasachadh sam bith a lorg airson na rinn e, ach cho òg 's a tha e fhathast.